Mu Chaorag / About Caorag
Chaidh Caorag a stèidheachadh leis an sgrìobhadair agus dealbhadair Sarah NicRath gus leabhraichean-deilbh tùsail fhoillseachadh sa Ghàidhlig.
Tha Caorag ag amas air sgeulachdan spòrsail is tarraingeach a chruthachadh airson clann òga aig a bheil Gàidhlig agus airson clann a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.
Caorag is an independent publishing imprint created by Gaelic author and illustrator Sarah NicRath to publish original Gaelic picture books.
Caorag aims to create engaging and playful stories for young Gaelic speakers and children learning Gaelic at school.
Mu Sarah NicRath/ About Sarah NicRath
’S e sgrìobhadair agus dealbhadair à Loch Aillse ann an taobh siar Siorrachd Rois, a th’ ann an Sarah NicRath.
B’ àbhaist dhi a bhith na neach-obrach tràth-bhliadhnaichean mus do thòisich i a’ sgrìobhadh.
Tha na sgeulachdan aice freagarrach airson clann òg agus teaghlaichean Gàidhlig. Tha ùidh aice ann an ruitheam is rannachd le cuspairean èibhinn is caran gòrach - a bhios tlachdmhòr is tarraingeach do chloinn òg.
Tha teisteanas aice ann an dealbhadh grafaigeach agus bidh i a’ dealbhadh na stòiridhean aice fhèin.
Fhuair i Duais Ghàidhlig mar phàirt de Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra, Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean ann an 2025.
Sarah NicRath is a Gaelic author and illustrator from the Scottish Highlands with a background in Graphic Design and Gaelic Early Years Education. She writes original Gaelic stories for preschool and early primary-aged children, which she illustrates herself.
Sarah's stories combine humour, rhythm, repetition and rhyme and her work is informed by her experience as an early years practitioner and her understanding of the needs of young children learning Gaelic.
Sarah received a Scottish Book Trust New Writers Award in partnership with the Gaelic Books Council in 2025.
“Tha e follaiseach gu bheil cruaidh fheum air sgeulachdan a tha sgrìobhte bho thùs anns a’ Ghàidhlig agus a bhios a’ bruidhinn ris a’ chloinn bhon dualchas aca fhèin. Tha na rannan èibhinn agus na dealbhan àlainn aig Sarah a’ tighinn còmhla ann an dòigh a bhios a’ còrdadh ri clann agus pàrantan.”
“There remains a clear need for original stories written first in Gaelic that can speak to children from within their own culture. Sarah’s humorous rhymes and charming artwork combine in ways that will appeal to children and to parents.”
Alison Lang, Director, Gaelic Books Council